MARGARET STEWART
  • Welcome Page
  • Contact
  • Performance & Online Presentation Dates
  • About Margaret
  • Courses & Archive Info
    • Courses >
      • Course & Workshop Archive
      • 'The Morning After' - Songs of Hospitality & Conviviality >
        • Ceann Goirt is Aithreachas - Òrain agus Seanchas
    • Concert Archive
    • Event Archive
  • Press & Photos
    • Press/Reviews
    • Promotional Images
  • Recordings
  • Commissions
    • A' Bhanais Ghaidhealach
    • Pròiseact Òrain Fort George
  • Gallery
  • Margaret's Blog
  • Links
  • ÒRAIN (Song texts)
Social Pages

CÙRSAICHEAN  /  COURSES

**  2014 Course Information **

‘Ceann Goirt is Aithreachas’
Òrain & Seanachas air Aoigheachd & Fleadhachas nan Gàidheal
(Gaelic Songs and Traditions of Highland Hospitality & Conviviality)
11 gu 16 An Lùnasdal, 2014

Picture
An-uiridh, mar phàirt de cheann-bliadhna na Colaiste, bha sinn toilichte cùrsa-goirid ùr a thabhann leis an t-seinneadair Ghàidhlig chliùiteach, Maighread Stiùbhart. Leis cho soirbheachail ‘s a bha e, tha sinn toilichte a bhith tabhann an iar-sgrùdaidh dhuibh ‘Ceann Goirt is Aithreachas’- Òrain agus Seanachas air Aoigheachd agus Fleadhachas nan Gàidheal, mar phàirt den t-streath chùrsaichean-goirid airson 2014.

Air a chùrsa, a mhaireas còig là, bidh Maighread ri toirt sùil air cuid de na h-òrain agus na cleachdaidhean co-cheangailte ri aoigheachd agus fleadhachas nan Gàidheal, bho òrain molaidh air uisge-beatha, fìon, sinèabhar, agus branndaidh;  moladh air aoigheachd, òrain àbhachdach air bainnsean, bothain-dubha agus fiù òrain air stuamachd agus aithreachas. Bidh i toirt a-steach òrain bho linn nam bàrd ainmeil aig Clann MhicMhuirich suas gu òrain a chaidh a dhèanamh san fhicheadamh linn.

Tha 'n cùrsa oideachail, tlachdail seo freagarrach do gach ìre de luchd-labhairt na Gàidhlig, bho fhileantaich gu luchd-ionnsachaidh.  Gheibh fileantaich, agus gu h-àraidh iadsan a tha 'n sàs ann a bhith seinn air àrd-ùrlar, cothrom air oideachadh ann an altan-seinn agus aig an aon àm a' cur ris an stòras a th'aca de dh'òrain.  Gheibh luchd-ionnsachaidh cothrom air a bhith 'm bogadh ann an dualchas maireannach, oideachadh làtheil bho sàr-eòlaiche air òrain Ghàidhlig, leasachadh air sgilean fuaimneachaidh agus meudachadh air an cuid briathrachas Gàidhlig.  Bith òrain leithid  'Chaidh an Dileag ud nam Cheann,  Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid,  Òran a Bhirthday Party,  Tha Bainn' aig na Caoraich Uile, Horò mo Bhobag an Dram, Òran Calum a' Ghlinne, Dilidh ò Iodalam,  Cuach Mhic Ghill' Anndrais, An t-Slige Chreachain, A' Mhisg a' Chuir a' Nollaig Oirnn', A' Bhanais a Bha 'n Ciostal Odhar, Chan Òl mi Rim Mhaireann I, An Daorach,  Òran an Anchor Bàr, Òran Ealag Chamroin gan teagasg, cho math ri òrain eile nach eil cho buileach cumanta.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom agaibh tadhal air taigh-staile Thalaisgeir; an aon taigh-staile anns an Eilean Sgitheanach, agus gheibh sibh fiosrachadh  mu dheidhinn mar a chaidh a stèidheachadh ann an 1830 le Ùisdean agus Coinneach MacAsgaill agus mar a bha uisge-beatha ga dhèanamh tro na linntean. Gheibh sibh cuideachd cothrom air beagan den uisge-beatha seo a bhlasadh (dìreach airson fiosrachadh acadaimigeach, mar a thuigeas sibh!).

Pùt am pùtan fodha airson àite ghlèidheadh air a chùrsa, agus airson tuilleadh fiosrachadh


Glèidh Àite air a Chùrsa
Powered by Create your own unique website with customizable templates.
  • Welcome Page
  • Contact
  • Performance & Online Presentation Dates
  • About Margaret
  • Courses & Archive Info
    • Courses >
      • Course & Workshop Archive
      • 'The Morning After' - Songs of Hospitality & Conviviality >
        • Ceann Goirt is Aithreachas - Òrain agus Seanchas
    • Concert Archive
    • Event Archive
  • Press & Photos
    • Press/Reviews
    • Promotional Images
  • Recordings
  • Commissions
    • A' Bhanais Ghaidhealach
    • Pròiseact Òrain Fort George
  • Gallery
  • Margaret's Blog
  • Links
  • ÒRAIN (Song texts)