Fhuair Mi Pòg Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh is cha d' chuir gaoth an craicinn caorach Neach a fhuair an fhaoilt' ach mì. Bha Caileag as t-Earrach Bha caileag as t-earrach a dh'fhalbh as a' bhail’ againn fhìn Chan fhaiceadh tu samhail, ged a shiùibhleadh tu rangan an t-saoghail Chan iarraidh I cais'eart ged bhitheadh an sneachd air an raon Ach 's iomadh fear baile nach iarraidh leath' fearann no nì Sèisd Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Cur-as-domh gun fhios a dh'fhàg mis' ann an cuing do ghaoil Na faighinn-s' an cothrom air snaidhm a tha beannaicht aig cléir Chan iarrainn leat fearainn no tuath tha cuir thairis le spréidh Chan iarrainn leat tochar bu shuarrach an socair dhomh e 'S nam iasgair na mara chan fhaicainn ort gainne no feum Tha 'm baile cho falamh bho thug thu do chasan thar chuan Mo léirsinn air dalladh, 's nach fhaigh mi mo shealladh thoirt bhuam Tha 'n latha cho fada, 's an oidhche cha chaidil mi uair Ri caoidh na h-òg chailin a mhill mo shonas 's mo shnuadh As d'aonais, a leannain, tha mise mar leanabh gun treòir Le dubhar air m'anam, is thréig na speuran an glòir An leann th'air mo chridhe, cha thogar le mire no ceòl 'S as aonais do chomainn, a ghaoil, cha theic dhomh bhith beò O pill rium, a leannain, 's na fàg mo thuireadh gun cheann Air faidead do thurais bidh mise ri feitheamh sa ghleann 'S ma phòsas fear eil' thu, 's mo dhòchas uile air chall Theid mise dhan ùir, oir 'se d'iargain a chuireas mi ann Dol Dhan Taigh Bhuan Leat Dol dhan taigh, dol dhan taigh Dol dhan taigh bhuan leat Dol dhan taigh, dol dhan taigh Dol dhan taigh bhuan leat Dol dhan taigh, dol dhan taigh Dol dhan taigh bhuan leat Dol dhan taigh Geamhraidh Dol dhan taigh Samhraidh O Mhàiri 's tu mo Mhàiri Sèisd I oireann ò ra ù, I oireann ì dhiù a hì, oireann ó ra ù O Mhàri 's tu mo Mhairi Och, och mo nighean donn 'S truagh nach robh sinn air tu nall Truagh nach robh sinn air an àiridh Fo shàile na beinne Le spréidh de chrodh bainne Togail àl de laoigh ghasda Togail àl de laoigh bhoireann Deanamh ìm agus càis ann Chunna mi tighinn na féidh 'S iad a' tighinn às a bùirean '’S truagh nach robh mi air an cùlaibh Le mo ghunna 's m' adhairc fhùdair I Horó 's na Hug Òro Èile I horó 's na hug óro éile, I horó 's na hug óro éile I horó 's na hug óro éile Gur tu mo luaidh, ri m' bheò cha chèil mi Nuair a bha mi'm chaileag ghòrraich Thug mi gaol is gràdh don òigfhear Air a bheil a' phearsa bhòidheach S cha ghràdhaich mi ri m' bheò fear eile Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan Chuir mi sùil am fiùran maiseach B'ann an Glasachu nam bùthan A thug mi rùn don diùlnach fhearail Meur as grinn' air peann a sgrìobhas 'S a chur gleus air teudan fìdhle 'S e do cheòl a thogadh m'inntinn An uair a bhithinn sgìth fo smalan Do chùl dualach cuachach bòidheach Falt do chinn mar it' an lòin duibh Do dhà ghruaigh air dhreach nan ròsan Is iad fo dhealta ceò na maidne Tha do chalpa cuimir dìreach Mar bhradan aibhne ruith gu fìorghlan 'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut A-measg na bheil de shluagh air thalamh Ach tha mis' an duil 's an dòchas Gun tig an là 's am bi sinn còmhla 'S ma bhios tusa dìleas dhòmhsa Cha ghràdhaich mi ri m'bheò fear eile
1 Comment
|
AuthorMaighread Stiùbhart. Gaelic Songs from CD 'Fhuair mi Pòg
|