MARGARET STEWART
  • Welcome Page
  • Performance & Online Presentation Dates
  • About Margaret
  • Courses & Archive Info
    • Courses >
      • Course & Workshop Archive
      • 'The Morning After' - Songs of Hospitality & Conviviality >
        • Ceann Goirt is Aithreachas - Òrain agus Seanchas
    • Concert Archive
    • Event Archive
  • Press & Photos
    • Press/Reviews
    • Promotional Images
  • Recordings
  • Commissions
    • A' Bhanais Ghaidhealach
    • Pròiseact Òrain Fort George
  • Gallery
  • Margaret's Blog
  • Links
  • Contact
  • ÒRAIN (Song texts)
Social Pages

Faclan nan Òrain  /  Songs Texts

Òrain bhon CD 'Fhuair mi Pòg'

4/29/2015

0 Comments

 
Fhuair Mi Pòg

Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg
O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh
Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg
O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh
Fhuair mi pòg, is pòg, is pòg
O fhuair mi pòg 'o laimh an Rìgh
is cha d' chuir gaoth an craicinn caorach
Neach a fhuair an fhaoilt' ach mì.


Bha Caileag as t-Earrach

Bha caileag as t-earrach a dh'fhalbh as a' bhail’ againn fhìn
Chan fhaiceadh tu samhail, ged a shiùibhleadh tu rangan an t-saoghail
Chan iarraidh I cais'eart ged bhitheadh an sneachd air an raon
Ach 's iomadh fear baile nach iarraidh leath' fearann no nì

Sèisd
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh
Cur-as-domh gun fhios a dh'fhàg mis' ann an cuing do ghaoil

Na faighinn-s' an cothrom air snaidhm a tha beannaicht aig cléir
Chan iarrainn leat fearainn no tuath tha cuir thairis le spréidh
Chan iarrainn leat tochar bu shuarrach an socair dhomh e
'S nam iasgair na mara chan fhaicainn ort gainne no feum

Tha 'm baile cho falamh bho thug thu do chasan thar chuan
Mo léirsinn air dalladh, 's nach fhaigh mi mo shealladh thoirt bhuam
Tha 'n latha cho fada, 's an oidhche cha chaidil mi uair
Ri caoidh na h-òg chailin a mhill mo shonas 's mo shnuadh

As d'aonais, a leannain, tha mise mar leanabh gun treòir
Le dubhar air m'anam, is thréig na speuran an glòir
An leann th'air mo chridhe, cha thogar le mire no ceòl
'S as aonais do chomainn, a ghaoil, cha theic dhomh bhith beò

O pill rium, a leannain, 's na fàg mo thuireadh gun cheann
Air faidead do thurais bidh mise ri feitheamh sa ghleann
'S ma phòsas fear eil' thu, 's mo dhòchas uile air chall
Theid mise dhan ùir, oir 'se d'iargain a chuireas mi ann



Dol Dhan Taigh Bhuan Leat

Dol dhan taigh, dol dhan taigh
Dol dhan taigh bhuan leat
Dol dhan taigh, dol dhan taigh
Dol dhan taigh bhuan leat
Dol dhan taigh, dol dhan taigh
Dol dhan taigh bhuan leat
Dol dhan taigh Geamhraidh
Dol dhan taigh Samhraidh



O Mhàiri 's tu mo Mhàiri

  Sèisd
I oireann ò ra ù,    I oireann ì dhiù a hì, oireann ó ra ù

O Mhàri 's tu mo Mhairi
Och, och mo nighean donn
'S truagh nach robh sinn air tu nall
Truagh nach robh sinn air an àiridh
Fo shàile na beinne
Le spréidh de chrodh bainne
Togail àl de laoigh ghasda
Togail àl de laoigh bhoireann
Deanamh ìm agus càis ann
Chunna mi tighinn na féidh
'S iad a' tighinn
às a bùirean
'
’S truagh nach robh mi air an cùlaibh
Le mo ghunna 's m' adhairc fhùdair



I Horó 's na Hug Òro Èile

I horó 's na hug óro éile,    I horó 's na hug óro éile
I horó 's na hug óro éile
Gur tu mo luaidh,
   ri m' bheò cha chèil mi

Nuair a bha mi'm chaileag ghòrraich
Thug mi gaol is gràdh don òigfhear
Air a bheil a' phearsa bhòidheach
S cha ghràdhaich mi ri m' bheò fear eile

Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan
Chuir mi sùil am fiùran maiseach
B'ann an
Glasachu nam bùthan
A thug mi rùn don diùlnach fhearail

Meur as grinn' air peann a sgrìobhas
'S a chur gleus air teudan fìdhle
'S e do cheòl a thogadh m'inntinn
An uair a bhithinn sgìth fo smalan

Do chùl dualach cuachach bòidheach
Falt do chinn mar it' an lòin duibh
Do dhà ghruaigh air dhreach nan ròsan
Is iad fo dhealta ceò na maidne

Tha do chalpa cuimir dìreach
Mar bhradan aibhne ruith gu fìorghlan
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
A-measg na bheil de shluagh air thalamh

Ach tha mis' an duil 's an dòchas
Gun tig an là 's am bi sinn còmhla
'S ma bhios tusa dìleas dhòmhsa
Cha ghràdhaich mi ri m'bheò fear eile


0 Comments



Leave a Reply.

    Archives

    April 2015

    Author

    Maighread Stiùbhart.

    Gaelic Songs from CD 'Fhuair mi Pòg

    RSS Feed

Powered by Create your own unique website with customizable templates.
  • Welcome Page
  • Performance & Online Presentation Dates
  • About Margaret
  • Courses & Archive Info
    • Courses >
      • Course & Workshop Archive
      • 'The Morning After' - Songs of Hospitality & Conviviality >
        • Ceann Goirt is Aithreachas - Òrain agus Seanchas
    • Concert Archive
    • Event Archive
  • Press & Photos
    • Press/Reviews
    • Promotional Images
  • Recordings
  • Commissions
    • A' Bhanais Ghaidhealach
    • Pròiseact Òrain Fort George
  • Gallery
  • Margaret's Blog
  • Links
  • Contact
  • ÒRAIN (Song texts)